Back

A Rìbhinn Òig an Toigh Leat Mi

Lyrics:

Sèist

A rìbhinn òig an toigh leat mi
A ghruagach dhonn an cluinn thu,
O, an cluinn thu rìbhinn mheall-shùilich
Cha trom 's tha mi gad ionndrainn.

An Cuan a Siar, cha toigh leam e,
Dol seachad air sa gheamhradh,
Le sneachd is reothadh 's gaoithtean,
'S tu gun saorsainn gus an till mi.

'S nam biodh tu faisg a leannain dhomh
Fad' sheachnadh a' fuachd mi
Mo dhàrna làmh fo d' achlais
'S an t' eile dhut na cluasag.

'S o ghràidh gur tu bhios agamsa
Ged bhiodh d' athair gruamach
O 'S truagh nach robh mi còmhla riut
Oir 'S tu mo dhòigh a ghruagaich.

O soraidh slàn, o soraidh slàn,
A ghràidh gur mis tha cianail,
Nam sheasamh aig a' chuibhle
Tron an oidhche rinn mi 'n duan seo.