Back

A Rìbhinn Òig Bheil Cuimhn' Agad

Lyrics:

A rìbhinn òig bheil cuimhn' agad
'S a ghruagach dhonn an cluinn thu mi?
A rìbhinn òig bheil cuimhn' agad
An oidhche mun do sheòl mi?

O 's e blàths na h-oidhche sin,
Cha tèid gu brath à cuimhne dhomh;
'S ann ort a bhios mi cuimhneachadh
Gach oidhche fhliuch is reòite.

Gur fada, fada thall tha mi
'S chan fhaigh mi null a shealltainn ort
'S ged dhìrinn bhàrr nan crann aice
Chan fhaic mi beanntan Leòdhais.

A ghruagach na biodh àmhghar ort
Oir 's cinnteach tha mo làmh-sa dhut;
'S tu, a ghràidh, as fheàrr leam
Na mo mhàthair dh' àraich òg mi.

Tha mi falbh Diciadain uat
'S chan fhaic thu airson bliadhna mi,
'S feuch nach dèan an cianalas
Do liathadh ged is òg thu.

Nuair bhios mi gun chompanach
'S a bhios an oidhche trom orm
Bidh gealach toir nam chuimhne
Liuthad oidhche bha sinn còmhla.