Back

Aillte (Rìgh Lochlainn)

Lyrics:

Thug Bànrigh Lochlainn nan sgiath donn,
Trom ghaol trom, an gaol nach lasaich,
Do Aillte greadhnach nan arm geur,
Gun d' fhalbh i ann an ceilg leis.

Chruinnich Rìgh Lochlainn gu grad a shluagh,
Cabhlach cruaidh gun tug e leis;
'S e sin a bha aige anns an uair,
Naoi rìghrean 's an sluagh leotha.

Mur robh fear a chaidh bho fheum,
No chaidh don Ghrèig a-null,
Cha deachaidh fear da thìr fèin,
De na thug Rìgh Lochlainn nall.