Back
Air Fàilidh Oro, mo Bhalach Bàn
Lyrics:
Sèist
Air fàilidh oro, mo bhalach bàn,
Air fàilidh oro, mo bhalach bàn,
Air fàilidh oro, mo luaidh 's mo thasgaidh,
Cha d'fhuair mi cadal a raoir, no tàmh.
Is truagh a rìgh nach robh mi nam shaor,
Is dhèanainn bàta a shnàmhadh caol,
Chuirinn stiùir rithe 's cead buan do m' dhaoine,
Is 'top-sails' ùra de lèine chaol.
Thilg iad ormsa gun robh thu dubh,
Ach tha thu leamsa nas gil nan gruth,
Gach latha samhraidh nì thusa dealradh,
Bu bhòidheach, dhearcach air madainn fhliuch.