Back

Air Faill O

Lyrics:

Sèist

Air faill ò, air fàill èile ò,
Air faill ò 's na hò i,
Fàill èile, hogaidh ò
'S mi fo leòn ga do chaoidh.

Nuair a chrom mi sìos an gleann
Dh'fhuasgail snaim air mo chridh',
'S nuair a shìn mi dhut mo làmh,
'N dùil nach fhàgadh tu mi.

Dhèanainn cur dhut agus buain
Obair chruaidh muir is tìr,
'S bheirinn às a' ghreibheil chruaidh
Dha mo luaidh, teachd-an-tìr.

Ged nach robh thu buidhe bàn
Bha thu àlainn cùl-cinn
'S ged a cheilinn e air càch
'S e do ghràdh rinn mo chlaoidh.