Àirigh a' Chùl-chinn
Lyrics:
Sèist
O mar a bha nuair a bha sinn òg,
A' mireag air an àirigh le mànran is ceòl.
'N àm èirigh na grèine cur fàilt' air a' bheinn
Bu bhòidheach an àirigh am bràighe Chùl-chinn;
Na h-uiseagan 's na smeòraich cho ceòlmhor a' seinn,
'S na flùran a b' àlainn lem fàile ga inns'.
Bha solas air an àirigh, cha b' ann bhon a' ghrian,
Bha ceòl ann an uair sin nach cuala mi riamh,
Bha sòlas anns a' ghràdh agus dàn anns gach fiamh,
Is ùr-dhealt na h-òige cur fonn air an t-sliabh.
Nach fhaca tu na caistealan 's ann asta dhèanainn uaill,
'S e bothanan na h-àirigh làn bainne blàth nam buail',
Na miosraichean 's na copanan 's na cumanan 's na cuaich,
'S na caileagan ag itealaich mar dhealain-dè mun cuairt.
Sibhse tha cho fiosrach am Pàrlamaid na tìr',
Thoiribh dhuinn na h-àirighean, na mullaichean 's na frìth;
'S thèid mi fhìn an urras dhuibh mar dhuine 's fhaide chì;
Gun dannsadh sinn 's gun seinneadh sinn, "Gu ma fada beò an rìgh!"