Back

Am Bàta Rannach

Lyrics:

Sèist

Ochòin a rì ri ò rò,
Ochòin a rì ri ò rò,
Ochòin a rì ri ò rò,
O rò 's cian on dh'fhalbh sinn.

Tacan mun do ghluais sinn
Dh'èirich gealach ghruamach,
Baidealach, trom, uaine,
'S i buairte gu soirbheas.

Nuair a rinn sinn seòladh
Dhùin gu dlùth na neòil oirnn,
Chan fhaiceamaid ach ceòban
Le còbhragach na fairge.

A' dol tro Chuan na h-Èireann,
Sruth is muir a' streap rinn;
'S truagh nach robh mi 's m' eudail
Le chèil' am Port na h-Abhainne.