Am Buachaille Bàn
Lyrics:
Och, ochan a Rìgh, gur tinn an galar an gràdh!
Chan eil neach air am bi nach saoil gur seachdain gach latha;
Gun bhrist e mo chridh', 's gun sgaoil e cuislean mo shlàint,
Bhith 'g amharc ad dhèidh, a ghèig a' bhroillich ghil bhàin, ghil bhàin.
Ma thèid thu air sràid, a ghràidh, biodh gini ad phòc
Is òl mo dheoch-slàint' 's gach àit' an suidh thu mun bhòrd;
An cridhe geal, fialaidh, aotrom, aighearach, òg,
'S bu mhilis leam fhèin am beul on tigeadh an ceòl, an ceòl.
A Bhuachaille Bhàin, mas àill leat labhairt air thùs,
Gura leatsa gun dàil mo làmh, ma thig thu rium dlùth;
Nach truagh mar a tà, nach d' thàrlaidh mis' agus thu
Air eilean gun tràigh, gun ràmh, gun choite, gun stiùir, gun stiùir.
Na faiceadh sibh geug, 's i 'g èirigh madainn chiùin cheò,
Le pearsa dha rèir, nì ceudan mhealladh nan dòigh;
Gur binne do bheul na teudan fhidheil ri ceòl,
'S nach truagh leat mi 'd dhèidh leam fhèin air cnocan ri bròn, ri bròn.
Nan robh mis' is thu am beinn, no monadh, no sliabh,
No air an tràigh bhàin an àit' nach robh duine riamh,
Seachd oidhche, seachd latha, gun tàmh, gun chadal, gun bhiadh,
Ach thus' a bhith ghràidh 's do làmh gheal tharam gu fial, gu fial.
Gur toil leam an deud, 's am beul nach labhradh le sgraing
Bhith sìnte rim thaobh, a ghaoil, nan tigeadh tu ann;
Mur biodh luchd nam breug bha m' eudail 's mise, gun taing
Le òrdugh na clèir le chèile 'n ceangal gu teann, gu teann.
Do chùl buidhe dualach, cuachach, camagach, tlàth
Dh'fhàg mise fo ghruaim gu buan, gu latha mo bhàis,
'S nan tigeadh tu nuas air chuairt dhan bhaile-sa thàmh,
Ged chaochail mo shnuadh, bu dual dhomh rithist bhith slàn.