Back

Amhran Mòr Thorcaill

Lyrics:

Och mar tha mi an dèidh do shùgradh;
'S cianail, tùrsach mi an dèidh do chòmhradh;
Gur e do ghaol-sa rinn mise liathadh,
'S an gealladh dìomhair a fhuair mi òg ort.

'S e toil m' athair is toil mo mhàthair,
'S toil mo chàirdean dhomh bhon bha'd cho gòrach;
'S gun tug iad ormsa mo chiad ghaol fhàgail,
'S a dhol a thàmh ann am meadhan na mòinteach.

Chuir iad mise gu Loch an Acha,
'S beag mo thlachd-sa bhith ann a' còmhnaidh;
Chan fhaic mi bàta ri dol gu sàl ann,
Cha chluinn mi càil ac' ach crodh is òisgean.

'S nuair a dhìreas mi ‘n àrd an cruadhlach,
'S a chì mi an cuan air a bheil thu seòladh;
Gum bi na deòirean ri ruith bhom shùilean,
Mar sruthan bùrn ann an druim na mòinteach.

'S a' rud a gheall thu 's nach d' chuir thu ceann air,
'S e sin sa gheamhradh thighinn dha mo phòsadh;
Mas e 's nach b'fhiach mi 's gun deach e dìochuimhn'
Biodh beannachd Dhia ort cho fad ‘s is beò thu.

'S ged a thigeadh fear uair san t-seachdain,
Cha toir mi gealladh do neach tha beò ac';
Nì mi innse dhaibh-san gu bheil nas fheàrr leam,
Ri tighinn air fàire air long bàn nan ròpan.

'S togaidh mise taigh geal ùr dhut,
Le lobhta dhùinte a chuir fod bhrògan;
Gheibh thu siud agus crodh is caoraich,
'S gach nì dhan t-saoghal a fhuair mi còir air.

Dè ged gheibhinn-sa crodh is caoraich,
Taigh geal air aoladh 's a chur an òrdug?
'S mòr gum b' fheàrr leam mo chiad ghaol fhaotainn,
Gun nì dhan t-saoghal ach deise chòrd air.

'S ged theireadh càch rium gu robh thu suarach,
'S e smior na h-uaisle a bh'annad dhòmhsa';
'S a chaoidh gun càirich iad anns an uaigh mi,
An gaol a fhuair thu, chan fhaigh an còrr e.

Tha cuibhle an Fhortain ri cur nan car dhith;
'S gur mise dh'fhairich siud ged is òg mi:
A' fear a b' fheàrr leam bha riamh san àite'
An-diugh na ghràin leis a thighinn nam chòmhradh.

'S na biodh aon neach a-nise saoilsinn,
Ged tha mi aotrom gu bheil mi gòrach;
Aig gaol na h-òige a chuir air dìochuimhn'
'S e mar a' sgian bhith dol sìos am bòrdair.