An Cluinn thu Leannain, an Cluinn Thu
Lyrics:
Sèist
An cluinn thu, leannain, an cluinn thu,
An cluinn thu idir, an cluinn thu?
An cluinn thu, leannain, an cluinn thu,
Mar tha mi gu tinn gad ionndrainn.
Mo chion air an ainnir, 's i bean a' chùil bhàin
Don tug mi 'n gaol falaich nach fannaich gu bràth;
Bu tu mo chiad leannan gun aithne do chàch
'S mi nise fo phràmh gad ionndrainn.
'S i d' ìomhaigh is ceòl dhomh gach Dòmhnach is Luain,
'S tu cuspair mo smuainteanan faoine gach uair;
'S i mhaise tha 'd aodann a chaochail mo shnuadh,
'S a dh'fhàg mi gun luaidh air sùgradh.
'S truagh nach robh mise fo shileadh a' cheò
Còmhla rim leannan an gleannan an fheòir;
Chan iarrainn a dh'ìocshlaint ach brìodal do bheòil
Oir 's mìlse do phòg na siùcar.
Le d' aghaidh ghlan, mheachair, cho banail 's cho caoin,
Le d' sheirc is led chaidreabh flathail, neo-chlaon;
Cha laigheadh orm facal 's tu agam rim thaobh
Led chonaltradh gaoil 's led chùirteis.
Thàrmaich leann-dubh orm, mulad is cràdh;
O, 'n acain seo leòn mi 'n tùs m' òige cho tràth!
An dèidh do gheallaidh mur faigh mi do làmh
Bheir saighdean do ghràidh don ùir mi.
Ged their moo luchd-tuaileis nach buan dhut mo ghràdh
Cha chreideadh tu 'n còmhradh nam b' eòl dhut a mheud
'S a tha do d' chion-falaich air m' aigne gach là,
'S mo spiorad fo phràmh ga ghiùlan.
Seall air a' ghealaich air aghaidh nan speur,
Nach caochail a cùrsa measg dùmhlas nan reul;
Mar sin tha sìor iomairt mo chrìdh' às do dhèidh
Bhon thug thu fo ghèill air tùs e.
Tha caoin-shlios mo leannain mar eal' air a' chuan,
Nas gile nan fhaoileann air aodann nan stuadh,
Mar shneachd air na beannaibh, mar chanach nam bruach,
'S i furasta, suairc na giùlan.