Back

An Cluinn thu mi, mo Nighean Donn

Lyrics:

An cluinn thu mi, mo nighean donn,
Dèan èist is thoir an aire dhomh;
Tha mòran dhaoin' sa bharail seo,
Gur òg an leannan dhomhs' thu.

Is ged bu liath mo chiabhagan,
Na cuireadh sin fo iargain thu;
Chan eil mi sean am bliadhnachan,
'S bu mhiann leam bhith nad chòir-sa.

Thar chuantan mòr gun seòlainn-sa,
'S bheirinn dhachaigh stòras dhut,
'S bhiodh tu gu dòigheil leam
Rid bheò, ma tha thu deònach.

Nis sguiridh mi bhith 'm sheòladair,
Air tìr 's gun fan mi còmhla riut;
On 's fhad 's a tha mi eòlach ort,
Bu bhòidheach leam do dhòighean.

Nis 's aithne dhut mo dhòighean-sa,
Gun d' chuir mi cùl ri gòraiche,
O thig, a ghaoil, 's dèan còrdadh rium
'S le deòin gun tèid sinn còmhla.