An Dachaigh Bhuan
Lyrics:
Air dhomh bhith sealltainn air saoghal truagh,
Chì mi caochladh tighinn air gach uair;
Chì mi daoine a' cur an cùl rium,
'S a' dol gu dlùth chum an dachaigh bhuan.
Tha sean is òg a' dol sìos don uaigh;
Air lag 's air làidir, tha 'm bàs toirt buaidh.
Nuair thig an t-àm dhaibh an saoghal fhàgail
Mas tinn no slàn iad, cha tàmh iad uair.
Ach 's rabhadh mòr siud do chàch den t-sluagh
'S is mithich dhòmhsa gun chuir fad uam;
Tha rabhadh garbh ann bhith deas gu falbh às,
Oir tha 'n taigh talmhaidh gu tighinn a-nuas.
O anam rannsaich nach bi thu clì;
'S ann thig an call ort ma thèid thu 'n dìth;
Caillidh tu 'n sòlas tha 'n Rìgh na Glòire
Is air do dhòrainn chan fhaic thu crìoch.
Ach mas ann clì tha thu, seo an uair
Gu tighinn dìreach a dh'ionnsaigh an Uain;
Dh'ionnsaigh an Tì sin thug suas an ìobairt
Leis am bheil sìth air a thoirt mun cuairt.
Is ged tha chàirdean an seo air chuairt,
Bheir e an àrd iad is gheibh iad duais;
Nuair thig am bàs thèid iad suas gu Pàrras;
Bi iad gu bràth aig an dachaigh bhuan