Lyrics:
Sèist
Thèid i 's gun tèid i leam
Leam-sa gun tèid mo leannan,
Thèid i 's gun tèid i leam.
Chionns gu bheil gach gleann na fhàsach
Thèid mi fhìn 's mo Mhàiri thairis.
Thèid i leam à tìr nam fraoch bheann
On tha daoin' air dol à fasan.
Seòlaidh sinn à tìr ar dùthchais
Cur ar cùlaibh ris na beannaibh.
Thèid i leam a-null thar sàile,
Far an dèan an Gàidheal beairteas.
'S Ged bhiodh gach latha na shamhradh,
Chaoidh bidh tìr nam beann air m' aire.
Is mun càirear anns an ùir sinn
'S i mo dhùrachd tilleadh dhachaigh.
Chum 's gun tòrrar mise 's m' annsachd
'N tìr nam beann nan gleann 's nan gaisgeach.