Back
An Gille Dubh Ciar Dubh
Lyrics:
Cha dìrich mi bruthach 's cha siubhail mi mòinteach,
Bhon dh'fhalbh mo ghuth cinn 's cha seinn mi òran,
Cha chaidil mi uair on Luain gu Dòmhnach,
'S an gille dubh ciar-dubh a' tighinn fom ùidh.
Is truagh nach robh mise 's an gille dubh ciar-dubh
An aodann na beinne fo shileadh nan siantan,
An lagan beag fàsaich no 'n àiteigin dìomhair,
'S cha ghabh mi fear liath 's e tighinn fom ùidh.
Mo ghille dubh bòidheach ged gòrach le càch thu
Dhèanainn do phòsadh gun deòin mo chàirdean,
Shiùbhlainn leat fada feadh lagannan fàsaich,
'S an gille dubh ciar-dubh a' tighinn fom ùidh.