Back

An t-Alltan Dubh

Lyrics:

Sèist

Tha ligh' an-diugh san alltan dubh
'S chan urra mi dhol thairis air;
Tha eagal orm aig meud an t-sruth
Nach fhaigh mi 'n-diugh a-null air.

Tha 'n t-alltan dubh cho bagarrach,
'S e 'n dùil gun till e dhachaigh mi
Le thururaich is le thartaraich,
Le bhagartaich 's le bhùtaich.

Chì mi na daimh chràiceach thall
'S an lagan bheag sam b' àbhaist dhaibh;
'S nan tiginn uair mun tàinig mi
Cha bhiodh iad slàn sa chunntas.

Saoil thu Mhòrag nighinn Fhionnlaigh
An glèidh thu dhomh do ghealltanas,
Ma gheibh sinn thar an alltain seo
Nach toll thu fear den triùir ud?

Nuair ràinig mis' an t-àite
Far an do gheall i dhomh bhith sàbhailte,
Bha mac nan sonn ri làr aice
Mun tug mi mhàin om shùil i.

Thuirt Mòrag is i freagairt rium -
"Na cuireadh e bonn eagail ort
Nach faigh thu 'm fear is treise dhiubh
Ma fhreagras do chuid fùdair."

Tha seachd bliadhn' is tamall ann
Bhon thug mi à Srath Charrainn thu;
'S i Nic an t-Saoir a cheannaich thu
'S chan aithreach leam an cùmhnant.