Back

An t-Eilean Muileach

Lyrics:

Sèist

An t-Eilean Muileach, an t-eilean àghmhor,
An t-eilean grianach mun iath an sàile;
Eilean buadhmhor nam fuar-bheann àrda,
Nan coilltean uaine, 's cluaintean fàsail.

Ged tha mi 'm fhògarrach cian air m' aineol
Sa Chaisteal Nuadh, san taobh tuath de Shasainn,
Bidh tìr mo dhùthchais a' tighinn fa-near dhomh,
An t-Eilean Muileach bu lurach beannaibh.

B' fhallain, cùbhraidh, 's bu rèidh an t-àilean,
Le blàthan maoth-bhog bu chaoine fàileadh;
Bu ghlan na bruachan mun d'fhuair mi m' àrach
An Doire Chuilinn aig bun Beinn Bhàirneach.

Air Lusa chaisleach nan stac 's nan cuartag,
Bhiodh bradain thàrr-gheal nam meanbh-bhall ruadh-bhreac,
Gu beò-bhrisg siùbhlach, le sùrd ri lùth-chleas
Na cuislibh dùbhghorm gun ghrùid, gun ruadhan.

Bu chulaidh-shùgraidh do dh'òg-fhir uallach,
Le gathan tri-mheurach, rinneach, cruaidh-ghlan,
Air caol-chroinn dhìreach, gun ghiamh, gun chnuac-mheòir,
Bhith toirt nan làn-bhreac gu tràigh mu bruachan.

Gheibhte 'n ruadh-chearc 's na coilltean ìosal,
'S a coileach tùchanach dlùth ga brìodal;
'S ged bha na beanntaibh gun fhaing, gun fhrìthean,
Bha daimh na cròice nan còrsaibh lìonmhor.

B' e 'n sòlas-inntinn leam a bhith 'g èisdeachd
Ri còisir bhinn-ghuthach, ghrinn a' Chèitein,
A' seinn gu sunndach an dlùths nan geugan -
A' choill' fo liath-dhealt, 's a' ghrian ag èirigh!

Chlaon gach sòlas dhiubh sud mar bhruadar
'S mar bhristeadh builgein air bhàrr nan stuagh-thonn:
Ach soraidh slàn leis gach loinn is buaidh
A bh' air eilean àghmhor nan àrd-bheann fuara.