An t-Eilean Uain' Ìleach
Lyrics:
S e 'n t-eilean uain' Ìleach tìr bhòidheach mo ghràidh,
'S e an t-eilean uain' Ìleach as feàrr leam gu bràth;
A dhoireachan fasgach, 's a mhachraichean rèidh
Cha dìochuimhnich mi chaoidh iad ge b' e àite dhan tèid.
Ri soillse an latha tha mi coimhead a' chuain
A dh'fhaicinn na tràghad is tlachdmhoire fuaim,
Nan gleanntan glas fàsmhor tha 'g àrach na sprèidh,
San cluinnear sa mhadainn ceòl àghmhor nan eun.
Ged tha mi air astar mo thlachd dhiot cha chrìon
Ach tillidh mi fhathast a dh'amharc do thìr
A dh'fhaicinn nan àitean sam b' àbhaist dhomh bhi
Measg ghillean a' bhaile ri aighear gun sgìos.
Ged tha mi fad às tha mo ghaol dhut gun sgìos
'S thèid mi fhathast thar mara a dh'fhaicinn do thìr;
A dh'fhaicinn an rèidhlein a dh'fhàg mi 's mi òg,
A ghlacadh mo chàirdean gu caidreadh le pòig.
'S e an t-eilean uain' Ìleach tìr bhòidheach mo ghràidh,
'S e an t-eilean uain' Ìleach as fheàrr leam gu bràth;
'S e cuspair mo bhruadair nach fuadaich an latha
'S cha leig mi às m' aire gus an laigh mi sa bhàs.