An t-Iorram Niseach
Lyrics:
Iomair thusa, Choinnich chridhe
Nèill a mhic 's na hò rò
Gaol nam ban òg 's gràdh nan nighean
Nèill a mhic 's na hò rò
Hè rò, hù ò rò.
Tha eagal mòr air mo chridhe
Gu bheil bìrlinn Nèill a' tighinn
No sgòth chaol mhic Thormoid oighre.
Iomraidh mise fear ma dhithis
'S nam b' èiginn domh fear ma thrithear.
Ach 's truagh nach robh mi fhìn 's Niall Odhar
An lagan beag os cionn Dhùn Odhail
Biodag am làimh 's esan fodham;
Dhearbhainn fhèin gun deigheadh i domhainn
'S gum biodh fuil a chlèibh mu ghobhal,
'S gun dèantadh feòil 's gun dèantadh sitheann
'S gum biodh biadh fo ghob an fhithich.
Cha d' rinn mi fhathast beud no pudhar
Mur do leag mi fiadh bho bhruthach
No biast mhaol an caolas cumhang
No dubh-sgarbh an cois na tuinne.
Chì mi nise tighinn air fàire
Gob an Rubha 's iodhlann na h-Àirde
Far 'n do mhilleadh mo chuid chàirdean.
Cha tàinig mi riamh an cuan-sa
Gun bhall taobh, 's gun taod guaille
'S gun a rac a bhith sa buaraich
Cupaill ann am bòrd an fhuaraidh
'S fiùran dìreach sheasadh suas innt'
'S cranna fada rachadh mun cuairt orr'.