Back
An t-Oighre Òg
Lyrics:
Sèist
O hì 's na hì iù o,
Hì ri rì 's na hì iù o,
O hì rì 's na hì iù o,
'S e mo rùn an t-oighr' òg.
Oighr' òig à Dùn Bheagain
Nam pìoban 's nam feadan,
'S mi gun dèanadh do fhreagairt
Le fead cinn a' mheòir.
Cha bhiodh ormsa bonn cùraim
Ach thu fhèin bhith ga stiùireadh,
Ged a bhiodh a' mhuir dhùbh-ghorm
Tighinn dlùth don t-slait-bheòil.
'S e 's fasan don àrmann
Bhith falbh anns gach àite,
Le ghillean 's le bhàta
Bha àlainn 's gach dòigh.
Tha ùbhlan nad ghàrradh
Agus peuran a' fàs ann,
Tha do chrodh air bhàrr fàsaich
'S tha do bhàta fo sheòl.
Sguiridh mise gad iargain
Bho nach fhaigh mi thu 'm bliadhn',
Ach seo mo làmh nach mi chiad tè
Fhuair briathran do bheòil.