Aoir air Pàdraig Sellar
Lyrics:
Sèist
Hò 'n ceàrd dubh, hè 'n ceàrd dubh;
Hò 'n ceàrd dubh dhaor am fearann.
Chunnaic mise bruadar,
'S cha b' fhuathach leam fhaicinn fhathast,
'S nam faicinn e 'nam dhùsgadh,
Bu shùgradh dhomh e rim latha.
Teine mòr an òrdagh
Is Roy 'na theis-mheadhoin,
Young bhith ann am prìosan,
'S an t-iarann mu chnàmhan Shellair.
Tha Sellar an Cùl-Mhàillidh
Air fhàgail mar mhadadh-allaidh,
A' glacadh is a' sàradh
Gach aon nì thig na charaibh.
Tha shròn mar choltar iarainn
No fiacail na muice bioraich;
Tha ceann liath mar ròn air
Is bòdhan mar asal fhireann.
Tha rugaid mar chòrr-riabhaich
Is ìomhaigh air nach eil tairis,
Is casan fada liadhach
Mar shiaman de shlataibh mara.
'S truagh nach robh thu 'm prìosan
Rè bhliadhnan air uisg' is aran,
Is cearcall cruaidh de dh' iarann
Mud shliasaid gu làidir daingeann.
Nam faighinn-s' air an raon thu
Is daoine bhith gad cheangal,
Bheirinn le mo dhòrnaibh
Trì òirlich a-mach dhed sgamhan.
Chaidh thu fhèin 's do phàirtidh
An àirde gu bràighe Rosail,
Is chuir thu taigh do bhràthar
'Na smàlaibh a-suas 'na lasair.
Nuair a thig am bàs ort,
Cha chàirear thu anns an talamh,
Ach bidh do charcais thodharail
Mar òtrach air aodann achaidh.
Bha Sellar agus Roy
Air an treòrachadh leis an Deamhan
Nuair dh' òrdaich iad an compaist
'S an t-slabhraidh chur air an fhearann.
Bha 'n Simpsonach 'na chù
Mar bu dùthchasach don mharaich',
Seacaid ghorm à bùth air,
'S triùbhsair de dh' aodach tana.
'S i pacaid dhubh an ùillidh
A ghiùlain iad chum an fhearainn-s',
Ach chìthear fhathast bàitht' iad
Air tràilleach an cladach Bhanaibh.