Aon Phòg Ghràidh
Lyrics:
Aon phòg ghràidh, 's an sin an sgaradh,
Soraidh, slàn, 's gu sìorraidh dealaicht',
Deòir ar cridhe mo dheoch-slàinte,
Osna thùrsach ga mo chràdh-sa.
Cò a their g' eil Sealbh ga chiùrradh
Is reul an dòchais air a' chùrsa?
Dhòmhsa chan eil solas aoibhneis -
Càil ach dorchadas na h-oidhche.
Cha choire dhomh gun tug mi taobh dhi
Cò a dh'fhaodadh Nancy dhiùltadh?
A faicinn bha ag agradh gaoil di
Dhi-sa mhàin, is sin gu daonnan.
Mur a b' e ar gaol cho coibhneil
Mur a b' e ar gaol 's gun fhoill ann,
Mur a b' e ar caidreabh gràdhach
Cha bhiodh a-nis ar cridhe sgàinte.
Soraidh slàn le gnùis na rìghinn
Soraidh slàn le gaol cho prìseil,
Dhutsa guidheam àgh is beairteas
Sìth, Co-chòrdadh, Gràdh is Taitneas.
Aon phòg gràidh, 's an sin an sgaradh,
Soraidh, slàn, mo phràmh! gu maireann,
Deòir ar cridhe ar deoch-slàinte,
Deòir is osna 's gearain cràiteach.