Back

B' annsa Cadal air Fraoch

Lyrics:

Ge socrach mo leaba,
B' annsa cadal air fraoch,
Ann an lagan beag uaigneach
Is bad de luachair rim thaobh;
Nuair a dh'èirinn sa mhadainn,
Bhith siubhal ghlacagan caol
Na bhith triall chon no h-Abaid,
'G èisteachd glagraich nan saor.

Chan eil agam cù gleusta,
Chan eil feum agam dha;
Cha suidh mi air baca,
Am monadh fada bho chàch;
Cha leig mi mo ghadhar –
Chaidh faghaid an t-Sròim Bàin -
'S cha sgaoil mi mo luaidh
An Gleann Ruathain gu bràth.

'S oil leam càradh na frìthe
'S mi bhith 'n Lìte nan long -
Eadar ceann Sàile Shìophoirt
'S Rubha Ghrianaig nan tonn,
Agus Uiginis riabhach
San tric a dh'iarr mi damh donn,
'S a bhith triall chun nam bodach
Dham bu chosnadh cas-chrom.

B' iad mo ghràdh-sa a' ghreigh uallach
A thogadh suas ris an àird,
Dh'itheadh biolair an fhuarain
'S air 'm bu shuarach an càl;
'S mise fhèin nach tug fuath dhuibh
Ged a b' fhuar am mìos Màigh:
'S tric a dh'fhuiling mi cruadal
'S mòran fuachd air ur sgàth.

Tha Loch Lacasdail fhèin
'S gun fiù an fhèidh air a' chlàr
Far an cromadh na ceudan
'N àm dhan ghrèin dhol mu làr;
Loch nan Uighean ga trèigsinn
Far 'n tric am b' fheudar dhaibh snàmh
'S Gile Bheag air a' Chaorainn
'S mu dhà thaobh a' Chùirn Bhàin.

'S binne leam na guth fìdhle
Ged a sgrìobt' i gu cruaidh
Crònan mullach na Caillich
Mun iadh gailleann is fuachd
Agus mullach Coir' Ìle
'S brèagha frìth san taobh tuath,
'S a' ghlas-ghaoth nam aodann
Gun a faotainn mun cuairt.

B' e mo ghràdh-sa am fear buidhe
Nach suidheadh mun bhòrd,
Nach iarradh ri cheannach
Pinnt leanna no beòir;
Uisge-beatha math dùbailt
Cha bu diù leat ri òl -
B' fheàrr leis biolair an fhuaran
Is uisge luaineach an lòin.

B' i mo ghràdh-sa a' bhean-uasal
Dha nach d' fhuaras riamh lochd,
Nach iarradh mar chluasaig
Ach fìor ghualainn nan cnoc;
'S nach fuilingeadh an t-sradag
A lasadh ri corp:
Och, a Mhuire, mo chruaidh-chas
Nach d' fhuair mi thu nochd!

Bean a b' aigeantaich cèile
Aig àm èirigh ri driùchd:
Chan fhaigheadh tu beud da
'S cha bu lèir leis ach thu;
Sibh an glacaibh a chèile
Am fìor eudann nan stùc,
'S an àm èirigh na grèine
Bu ghlan lèirsinn do shùl.

Nuair a thigeadh am foghar
Bu bhinn leam gleadhar do chlèibh,
Dol a ghabhail a' chrònain
Air a' mhòintich bhuig rèidh,
Dol an coinneamh do leannain
Bu ghile feaman is cèir;
Gur i an eilid bu bhòidhche
Is bu bhrisge lòghmhoire ceum.

Chuir mi 'n gunn' air a' choltair,
Chaoidh cha tog mi ri àird -
'S ann a bhios mi aig baile
Dèanamh arain le sàmh;
Nì mi balt a chruaich-mhònadh,
'S math an-còmhnadh an càl,
'S fòghnaidh siud airson sìdhne,
'N gille-brìde breac, bàn.