Baile M' Àrach
Lyrics:
Sèist
Chluinn mi fuaim, chluinn mi fuaim na mara
Chluinn mi fuaim, chluinn mi fuaim na mara;
Nuair chluinn mi fuaim ud gu cruaidh ri cladach
Bidh fios a'm fhìn gu bheil mi 's na Dailean.
Baile m' àrach an-dràst' nam shealladh
Toirt nithean àraid mar bha rim aire;
An gleann cho àlainn, an tràigh 's a' mhachair
'S na leòidean fraoich air gach taobh cur mais air.
'S mòr gach smuain a' laigh luath air m' aire
Gu mòr an caochladh a thig air baile;
Bho bha mi òg ann gun bhròig nam bhalach
Na bh' ann air fhàgail 's gach làrach falamh.
Chì mi làimh dhomh an roinn den mhachair
Far na rinneadh càradh na sàir ghabh seachad;
Gach nì mar bha ac' 's a dh'fhàg iad againn
Gach clach mar chàraich iad làidir daingeann.
'S cuimhne, 's cuimhne leam loinn gach fearann
Bha tur air àiteach 's fo bhàrr a' crathadh;
Sona sàmhchair bha ghnàth riutha maille
Nan saothair làitheil air sgàth na dachaigh.
Bidh am feasgar ciaradh 's a' ghrian a' cromadh
Bidh sìth a' riaghladh 's an dèandas seachad;
An crodh 's am buachaill a' tighinn guanach dhachaigh
Is gàileis chloinn anns gach ceann dhen bhaile.
Bidh mais an t-samhraidh cur loinn a bharrachd
Air cnuic 's air glinn, air gach beinn is bealach;
Bidh eòin cho aoibhneach a' seinn le caithream
Bu bhrèagh' a' ghrian a' dol sìos à sealladh.
Bidh an ceòl is àbhaist aig tràigh na mara
Muir-làn is tràghadh gun thàmh gun anail;
Gach nì tha tràthail, mar bha gun mhaille
Sin fhèin na tha mar a bha 's na Dailean.
Ged bheirist dhomhsa bhith òg ro mhadainn
Le cead bith-beò anns an dòigh bu mhath leam;
An Daile Mòr gum bu deònach dh'fhanainn
Gun sùil ri stòr ach bith-beò bhith agam.