Back

Banais Ghleann Bhairigil

Lyrics:

O thus' a thèid don Mhonadh Mhòr
Thoir mo shoraidh do Ghleann Bhairigil
Gum eòlach mi mun bhail' aca
'S bu mhaith leam iad bhith sealbhach;
Fhuair mi sgeul nach misde leam
Tha nis aca ga sheanchas,
Gu bheil Lachlainn Friseal
Agus meas aig' air an t-searbhant.

Mas e gun chuir e ùidh innte,
Tha ionntas aig an t-sealbh dhi –
Is iomadh caileag eireachdail
A leumadh air a' bhargan;
B' eòl' dhomh fèin tè loinneil dhiubh
'S bu toigh leatha bhith falbh leis,
'S gur tric a chum i coinneamh ris
An Coille Siadar anmoch.

Thèid fios a chuir 's gach baile air
Gach caileag agus balachan
Gach bodach is gach cailleach 's air
Gach sgalaig agus searbhant',
Gach iasgair is gach maraiche,
Gach ceannaiche is sealgair,
'S bheir mise dhuibh mo ghealladh
Gum bi banais a bhios garbh ann.

Bidh cuirm ann a bhios sòlasach,
Bidh pàirt de dh'fheòil an tairbh ann;
Bidh bocan air an ròstadh ann
Bidh ròcaisean, bidh sgairbh ann;
Bidh bonnaich air an òirlich ann
De aran-eòrn' is beirm ann,
'S an iongnadh leibh na còcairean
An còmhnaidh a bhith coirbte.

Thig na Hearaich còmhla ribh
Ma dheònaicheas sibh gairm orr';
Gur grinn a bhios an còmhlan
Tha mi 'n dòchas nach bi stoirm ann;
'S ma bhios an aimsir bagarrach
'S nach bi an t-aiseag soirbh dhaibh,
Gun tig long-adhair dìreach
Leis a' phìobair' às an Tairbeart.

Ach tha duine neònach ann
Tha 'n-còmhnaidh dèanamh rann dhut;
Cha toir thu cuireadh idir da
Chan leig thu fios an àm da;
Ach cha ghabh e diùltadh bhuat
Tha ùidh aig anns an dannsa
'S bidh cliabh aig air a chùlaibh
Gu bhith giùlan a' bheir-bainnse.