Bean a' Chotain Ruaidh
Lyrics:
Càit' an robh mo leannan bòidheach,
Bean a' chòtain ruaidh?
An robh i casruisgt' air an lòn
Is drùchd an fheòir cho fuar?
No 'n robh i ruith le casa beaga
Feadh nam preas 's nam bruach,
Gun ghùn, gun chleòc, gun bhrèid, gun bhròig
Ach ann a còtan ruadh.
Cuailean bòidheach 's fiamh an òir dheth,
'S dath an ròis ad ghruaidh;
Suidh leam còmhla 's nì mi òran
Air do chòtan ruadh;
Tha 'n còtan goirid mar is dùth dha,
Tighinn gud ghlùn a-nuas;
Ach troigh as bòidhche cha do chòmhdaich
Còta dubh no ruadh.
Rìgh, beannaich 's glèidh mo leannan,
'S gu ma fad' i buan;
Dà shùil mheallach orm a' fanaid
'S a' cur car am dhuan;
Nuair bhios airgead ann am phòca
Gheibh thu sròl thar chuan;
Ach cha bhith sròl no sìoda dhomh-sa
Mar bha 'n còtan ruadh.
Leabhran: Òrain na Cloinne Mòd 1960; Còisirean Òigridh Mòd 1966/1970/1975.