Bidh Mi Nis A' Tòiseachadh
Lyrics:
Is bidh mi nis a' tòiseachadh air òran chuir an-àird'
Gus seinn mu thìr an eòrna far an robh mi òg 'am phàist,
'S gur e an-diugh 's mo chùlaibh rith' a dh'fhuirich mi gu dàn
'S mi miannachadh bhith còmhla ris a' chòmhlan th' oirr' a' tàmh.
Chan innis xx gu bith ìosal ris an làn
Chan fhaicear coill' no beanntan ort gu xx sgàil,
Do mhachraichean cho còmhnard, ga do chòmhdach neòinein bhàn,
'S gun eilean ann fon iarmailt air an deàrrs a' ghrian cho tràth.
'S e mi thoirt spèis don xx oir cho fada bhuat mi 'n-dràst'
Am beachd xx shòlasach bhith seòladh thar an t-sàil,
Ach rinn an smuain sin caochladh san saoghal xx an-dràst'
Airson bhith anns a' chaolas far am bheil mo dhaoin' a' tàmh.
Ach crìochnaichidh mi 'n t-òran seo 's an còrr cha dèan mi ràdh
Ged chosgainn-sa ris mìosa 's ann bhiodh dìochainn ann no dhà,
Do chliù cha ghabh e innse dhomh led xx 's gach xx
'S gur fallainn guth na fairge tha ri xx mo stiùir xx.