Bràigh Loch Iall
Lyrics:
Sèist
I ò bha hò
'S na haoiri rìri ho hi
Hoireann o gù ho hi
O bha hò.
O thèid, is gun tèid,
O thèid mi thairis
Gu innis nam bò,
Far am b' eòl dhomh an ainnir.
Gun innis nam bò,
Far am b' eòl dhomh an ainnir,
Gu Bràighe Loch Iall
Far am bi fiadh sa langan.
Is earbag nan stùc
Tha gu lùghmhor eangarr'.
A bhean an fhuilt rèidh,
Thug mi fhìn dhut mo ghealladh.
Mo ghealladh nach trèig,
Ged a b' fheudar dhuinn dealach'.
Gur math thig brèid bàn
Air a chàradh ort beannach.
Mu aghaidh gun tolg
Nan gormshùl meallach.
Is staidhse dhan t-sìoda
Mhìn gad theannach'.
Is aparan ùr
À bùth a' cheannaiche.
Gura minig a bhà
Gun dùnadh ach barrach.
Am bothan beag dlùth
Ged a b' fheudar dhuinn dealach'.
Làmh thogail an àil,
Bha tlàths riut ceangailt.
An àm gabhail mu thàmh
Cha bu chnàmhan ar teallach.
Mo làmh fod cheann
'S do làmh gheal tharam.
Mo thaobh rid thaobh,
Sinn maoth-chridheach tairis.
O thèid, is gun tèid,
O thèid mi thairis.
Na facail bho Tocher 35, le cead bho Sgoil Eòlais na h-Alba