Bràigh Ùige
Lyrics:
Tha mo shealgair na shìneadh,
Na shìneadh, na shìneadh,
Tha mo shealgair na shìneadh,
'S e san fhrìth gun tighinn dachaigh.
Tha mo shealgair gun èirigh,
Gun èirigh, gun èirigh,
Tha mo shealgair gun èirigh,
'S tha na fèidh air an leacainn.
Tha na fèidh am Bràigh Ùige,
Am Bràigh Ùige, am Bràigh Ùige,
Tha na fèidh am Bràigh Ùige
'S e mo dhiùbhail mar thachair.
Tha mo chrodh air na lòintean,
Na lòintean, na lòintean,
Tha mo chrodh air na lòintean,
'S na laoigh òga mun casaibh.
Iad gun togail ri aonaich,
Ri aonaich, ri aonaich,
Iad gun togail ri aonaich
Fireach fraoich agus glacaibh.
Gura fuar lag na h-àirigh,
Na h-àirigh, na h-àirigh,
Gura fuar lag na h-àirigh,
'S tha mo ghràdh fo na leacaibh.
Hì an ò an ò ì an
Hì an ò an ò ì an
Hì an ò an ò ì an
O an ì an ò rò an.