Back

Breith Chrìosda

Lyrics:

Càite am faca sùil fon ghrèin,
Cluas cha chual' e, beul cha d' inn's
Nì bu taitniche na sgeul
An aingeil fhèin do Mhoire Mhìn?

Fàilte Mhoire os cionn gach tè
Aona gheug a' chinne daond',
Rinn thu lèigheas air gach creuchd,
Ghiùlain thu Mac Dè nan Naomh.

Is iomadh allaban is fuachd
Is dìochainn chruaidh a dh'fhuiling an Òigh,
Is a cèile beannaichte naomh
Mar rith' daonnan san ròd.

Air an t-slighe tighinn ron t-sliabh
Mar a dh'òrdaich Dia bhith ann,
Saoradh an t-saoghail gu lèir,
Aon Mhac fhèin tighinn nar ceann.

Bha baile Bhetlehem làn
Nuair a thàrla dhaibh tighinn ann;
Cha d' fhuair iad dhan chùirt a b'àird',
B' ìseal an t-àite aig an àm.

Anns an stàbla measg nam biasd,
Ainmhidhean far sliabh nam beann,
A h-uile h-aon dhiubh chruthaich Dia
Is chuir E tùr gu gnìomh nan ceann.

Is na bha chothrom aca Dhà
An deathach bhlàth a bha nan com,
Is iad ga chuartachadh gun tàmh
A' luthaigeachdainn Dhà-san na bh' ann.

Thànaig na buachaillean bochd
A dh'ionnsaigh an fhortain a bha ann
Is cha do dhìobradh orra an fheusd
Ged nach robh iad fhèin ach lom.

Rìghean a bha fada air falbh,
Ged nach amaiseadh iad air ball,
Chaidh an treòrachadh gu lèir
Leis an reul bha os an cionn.

Gheobh gach duine mathas Dhè
Is chan eil eucoir ri bhith ann;
On bhuachaille chon an Rìgh
Gheibh e luach 's na nì e thall.

Bheir E thuigse dhuinn gach uair
Gu bheil buannachd gus bhith ann,
'S ghealladh dhuinne sonas buan
Is leanamaid an dual gu cheann.