Back

Bu Chaomh Leam Bhith Mireadh

Lyrics:

Bu chaomh leam bhith mire, bhith mire, bhith mire,
Bu chaomh leam bhith mire ri o chailin donn òg;
Bu chaomh leam bhith mire ri d' thaobh nuair a shuidhinn
Mo ghràdh orra bhilean 'n àm sireadh nam pòg.

Tha stòras nach seallar an-còmhnaidh ga mealladh
'S i 'n dòchas na barail nach annas dhith lòn;
Nan cunntadh i gealladh 's a slàinte ri maireann
Gun seòladh nist thairis gu 'stràilia mhòr.

Nach sguir thu gad shaoilsinn 's a chreidsinn nan daoine
Tha deònach do shaoradh le baothaireachd beòil;
Thig nì ort nach saoil thu ma chreideas tu h-aon dhiubh
'S ma dh'fhàgas tu na h-aonar 'n tè shaothraich thu òg.

Ma bhristeas orra shlàinte 's tu fada bho d' chàirdean
Gun neach a nì bàigh riut ged chàirt' thu fon fhòd;
Gum b'fheàrr dhut an là sin bhith teann orra mhàthair
Na stòras na ban-righinn ged chàirt' e nad dhòrn.

An cluinn thu mi, Pheigi, nach dèan thu rium seasamh
An gabh thu mo leisgeul, chan eil mi ach òg;
An gabh thu mo leisgeul, 's i 'n fhìrinn a sheasas
Tha mis ann an teagamh gur beag leat mo stòr.

Ged gheibhinn le dùrachd a dh' òr air a chunntais
Na dhèanadh dhìom diùc is gun dùil riut ri m' bheò;
Gun cuirinn air chùl e ach thusa thighinn dlùth dhomh
Do mhaise 's do chiùine gam chiùrradh gach là.