Caismeachd na h-Àirde
Lyrics:
Trom mo cheum 's mi air m' aineol
Anns an tìr seo dol thairis
Dhèanainn faoilte ri beannan na h-Àirde.
'N am bhith dìreadh Strath Fhairig
'S mòr b' annsa Srath Farrar
Far nach cunntadh iad bainne nam bà rinn.
Gheibhinn iasg agus sitheann
Ìm, càis agus gruitheam
'S bhiodh mo chàirdean gam ghuidheadh gu fhàrdaich.
A Righ, gum b' mhùirneach mo leabaidh
Ann am biadh 's ann an caidreabh
Eadar Srùigh Mhòr nam bradan is Àigeis.
Eadar Dunaidh na coille
Agus Bruaich an eilich
'S air mo làmh-sa nach ceileadh iad gràdh orm.
Mo chion ort, Iain, bha suairce
Chaoidh cha tabhair mi fuath dhut
Aig fheobhas a fhuair mi thar chàch thu.
Beir an t-soraidh null thairis
A dh'ionns' na dùthcha tà thall ud
Far an d' fhuair mi rè tamaill de m' àrach.
Gu muinntir mo chridhe
Far nach cluinntear am bruidhinn
Nuair a dhèanadh iad suidhe san taigh thàrluim.
'S e bu bheus dhaibh mar chleachdadh
Ag òl fìon dearg ann am pailteas
Greis air pìoban tombaca 's air mànran.
'S iad gun bhruaidlean, gun trioblaid,
Gun luaidh air a' bhiodag
Ach a pàigheadh na thigeadh mar bhràithrean.
Ach nam b' àill le Mac Shimidh
Thighinn a thàmh mar ri chinneadh
Air mo làmh-sa nach pillear an-dràst' e.
Thighinn gu fhonn is gu fhearann
Is gu oighreachd a sheanair
Mi-loinn air an fhear leis nach b' àill e.
Fhir thug Israel thairis
A chruthaich grian agus gealach
Cur an dùthaich le ceannas na h-Àirde.