Càit' am bi na Maraichean / Tha e Tarraing Anmoch
Lyrics:
Càit' am bi na maraichean an oidhche a bhios an gèil' ann

Ag iasgach nan adagan a-mach à Port nan Giùran.
Càite am bi na maraichean an oidhche a bhios am bùrn ann

Cho fad 's thèid mi null bidh dùil am tilleadh a-nall,
Far do dh'fhàg mi mo rùn fo thùrs am baile nan Gall,
'S thèid sinn le sunnd a-null do dh'Uibhist nam beann
Far am faigh mi ort còir le pòsadh ceangailte teann.
Tha Louis Ruaraidh Chabharstaigh a' togail taigh geal dhòmhsa

Cha chreid mi fhìn nach fhaigh mi e ma bhios a' chailleach deònach.
O sìos cladach Shasainn agus tarsainn bho cheann Èirinn

O eileanan gu eileanan dh' Ameireagaidh gun tèid sinn.
Tha bàta mòr na litrichean a nochd a' tighinn à Èirinn

Tha litir bho mo leannan innt' 's gu dearbha thèid a leughadh.
O tha e tarraing anmoch, chan urra mi, chan fhalbh mi
Tha e tarraing anmoch, chan fhalbh mi, chan urra mi
Tha e tarraing anmoch, chan urra mi, chan fhalbh mi
Tha e tarraing anmoch, chan fhalbh mi, chan urra mi.
Tha tè a-muigh, tha tè a-muigh, tha tè a-muigh a' fuireach rium
Tha tè de Chloinn 'Ic Leòid aig a' chòrnair a' fuireach rium
Tha tè a-muigh, tha tè a-muigh, tha tè a-muigh a' fuireach rium
Tha tè aig ceann a' ghèibhil is drèin oirr' a' fuireach rium.
O tha e tarraing anmoch, chan urra mi, chan fhalbh mi
Tha e tarraing anmoch, chan fhalbh mi, chan urra mi
Tha e tarraing anmoch, chan urra mi, chan fhalbh mi
Tha e tarraing anmoch, chan fhalbh mi, chan urra mi.
Tha tè a-muigh, tha tè a-muigh, tha tè a-muigh a' fuireach rium
Tha tè aig ceann a' ghèibhil is drèin oirr' a' fuireach rium