Càit an Caidil an Nìonag A-nochd?
Lyrics:
Sèist
Càit' an caidil an nìonag a-nochd,
O', càit' an caidil an nìonag?
Far an laigh an nìonag a-nochd
Is truagh nach robh mi-fhìn ann.
An uair a dh'fhàg an long an cala
Bha mo leannan fhìn innt';
Is b' e mo mhiann a bhith air na tonnaibh
Far an robh mo nìonag.
An uair a thog iad rithe siùil
Bha mise tùrsach, cianail,
Is shuidh mi air a' chnoc a b' àirde
Gus an d' fhàg i m' fhianais
Is truagh a rìgh nach robh mi thall
Ri bàrr nan crann a' dìreadh,
'S gum faighinn a bhi mar ri m' luaidh
Air druim a' chuain ged bhiomaid.
'S ann agam fhìn bha 'n nìonag òg
Bu bhòidhche bha san tìr seo;
A deud mar chailc, a gruaidh mar ròs,
'S a pòg air bhlas an fhìona.
'S ann oirre fèin a dh'fhàs a ghruag
Tha buidhe dualach, sìnte;
Air dhreach an òir as bòidhche snuadh
Na dhuailibh tro na cìrean.
Cha robh cìobair no duin' uasal,
No fear-cuairt a chìteadh,
Nach robh strì ri dèanamh suas
Ri caileig shuairc nam mìn bhas.
Cha b' e bhi cutadh an sgadain
Chleachdadh le mo nìonaig;
Ach bhi bleoghann a' chruidh ghuaillionn
Mach ri gual an t-sìthein.
Ged bheirteadh dhòmhsa na tha dh'òr
'S an Olaint 's anns na h-Innsibh,
Gum b' annsa leum bhith 'n nochd a' seòladh
Còmhla ri mo nìonag.
Gur a diombach mi de m' bhràithrean,
'S de mo chàirdean dìleas;
Nach do leig iad leam a pòsadh,
Caileag òg nam mìog-shuil.
Nuair a thogadh na siùil àrda
Bha mi cràiteach, cianail;
Shil mo shùilean mar an deàrrsach
Nuair a dh'fhàg iad m' fhianais.
Cha toir fidheall, cha toir òrgan
Cha toir ceòl na pìoba,
'S cha toir nìonag thèid na còmhdach
Air mo bhròn-sa dìobradh.
'S truagh nach robh mi seòlt' gu leòr,
'S gun d' chòrd mi ri Mac Nìomhain;
Gheibhinn bàta gun an gròt
A sheòladh gu Port Rìgh leam.
Nam biodh agam-sa fo m' òrdugh
'M beagan òir a dh'iarrainn
Bu ghrad thall mi 'n tìr nam mòr chraobh
Pòsta ri Catrìona.
Ach mas beò dhomh beagan mhìosan
Fiachaidh mi le dìcheall
Am faigh mi 'n t-aiseag à Grianaig
No o bheulabh Lìte.
Thèid mi do thìr na coilltean mòra,
'S gheibh mi pòg bho mo nìonag;
'N sin teichidh m' airsneal is mo bhròn
Is tillidh sòlas cridh' rium.