Cha B' ann Dubh A Bha Mo Leannan
Lyrics:
Cha b' ann dubh a bha mo leannan
Cha b' ann dubh a bha mo ghràdh
Cha b' ann dubh a bha mo leannan
'S ann a bha e buidhe bàn.
Sèist
'S ì ò al ò, 's ì ò al è
'S ì ò al ò, 's ì ò al è.
Tha bungalows mhòr ac' am Port nan Giùran
Taighean modern faisg air a' mhuir;
'S nuair a thèid thu cuairt tron a' bhaile
Bi fuaim nam bathrooms a' dol gun sguir.
'S ann a thug iad do mo bhalach
'S ann a thug iad do mo ghaol
'S ann a thug iad do mo bhalach
Coileach ann am peile caoil.
O ma thèid thu measg na Nisich
Ged a bhiodh tu dubh no ruadh
Gheibh thu eòlas air a' ghuga
'S thig itean ort an àite gruaig.
'S nuair a thig e às an nèibhidh
Sure, engagaigidh e mi
'S nuair a thogas e retainer
Kilt is blazer gheibh mi fhìn.
Feasgar Disathairne ann an Tolastadh
Ged nach robh mi ann a-riamh
Airson nach bris iad Là an Sàbaid
Tha 'n coileach bochd dol fon a' chliabh.
Thuirt e rium aig cùl a' ghàrraidh
Thuirt e rium aig ceann a' chruach
Thuirt e rium aig cùl a' ghàrraidh
"Feuch, a ghràidh, nach fhaigh thu fuachd."
O cha tèid mi do na Hearadh
Far nach faic thu rathad no sràid
'S nuair a chì thu iad ri coiseachd
Togaidh iad na casan ac' cho àrd.
Chaidh sinn gu banais ann am Beàrnaraigh
Abair gun d'fhuair sinn danns is ceòl
Na bodaich a' leum aig "Suas an Fheamainn"
'S na cailleachan a' leum aig "Rock 'n' Roll".