Back
Cha B' e Meud Mo Chianalais
Lyrics:
Cha b' e meud mo chianalais thug iarratas dom dhàn,
Ach gun innsinn mu na crìochan far 'm bu mhiannach leam bhith tàmh,
Sonas, sìth is coibhneas, agus roinn ann de gach blàths,
Nach fhaigh a rèir an t-saoghal seo, ach an eilean caomh mo ghràidh.
'S e an Tairbeart àit' mo shùgraidh far an luthaiginn dhol air chuairt,
Far bheil an loch as sàbhailte gu ceangal bàta suas,
Tha Scalpaigh thar na h-acarsaid ga ghlasadh on a' chuan,
Is Beinn an Teang' cur fasgadh orr' bho neart na gaoith a tuath.
Tha cuimhn' agam nuair b' òg mi 's air bròig cha chuirinn feum,
Gur tric an lùban m' òrdagan bhiodh neòinean gheal an t-slèibh,
Gur tric a ruith a dh'innseadh mi don chìobair mu na sprèidh,
Gur uain òg ri 'n aire 'n-diugh nach fhaca latha an-dè.