Back

Cha Dìrich Mi 'n Gleannan

Lyrics:

Sèist

Ho rionn ò, gu dè nì mi
'S nach dìrich mi 'n gleannan,
Ho rionn ò, gu dè nì mi.

Cha dìrich mi 'm bruthach
Chaidh mo shiubhal am maillead.

Cha dìrich mi 'n cruadhlach
Le fuaim na cloich-mheallain.

Cha dìrich mi mhòinteach
Rinn an t-òigear mo mhealladh.

Gus an cluinn mi do rèiteach
Bidh mi 'n dè air do leanail.

Gus an cluinn mi do phòsadh
Bidh mi 'n dùil ri do bhanais.