Chanada Thìr an Àigh
Lyrics:
Canada a thìr an àigh,
Tìr nan craobh, nan laoch 's a' ghràin;
Chan eil mais' air aghaidh nàdair
Nach eil pàirt nad chòir dheth.
Canada a thìr an àigh.
Chan aithne dhomh àit' is àille,
Gheibhear ann na beanntan àrda;
Aibhnichean is lochan sàmhach,
'S glinn tha fàsmhor còmhnard.
Canada a thìr an àigh.
'S iomadh buaidh a tha ri inns' ort;
Thig an siùcar às a' chraoibh ann;
On d'fhuair sinn suaicheantas ar tìr
À duilleig rìomhach bhòidheach.
Canada a thìr an àigh.
Canada a thog na laoich
Nach cuir cruadal gu leth-thaobh;
'S iad nach d' fhalaich ann an cùil
Nuair thàinig glaodh Rìgh Sheòrais.
Canada a thìr an àigh.
Dh'fhàg an tuathanach an crann,
Leig an clèireach sìos a pheann;
Dh'fhalbh iad bhuainn fon airm dhan Fhraing,
'S b' e 'n call nach till na sheòl dhiubh.
Canada a thìr an àigh.
Nuair ràinig na seòid ud thall,
Cuid dhiubh 'n èideadh tìr nam beann,
Thuirt an Kaiser mòr le greann:
"Tha 'n t-àm bhith dol don Òlaind."
Canada a thìr an àigh.
Nach e 'n Gearmailteach bha faoin,
'N dùil gun ceannsaicheadh e 'n saoghal;
'S tìr an fhraoich is tìr nan craobh
Fo bhrataich rìoghail Sheòrais.
Canada a thìr an àigh.
Bheir sinn cliù do Rìgh nan Sluagh
Thug dhan a' cheartas a' bhuaidh;
'S guidheamaid na chaidh dhan uaigh
Thoir dachaidh shuas an Glòir dhaibh.
Canada a thìr an àigh.