Clann Ghriogair air Fògradh
Lyrics:
Is mi suidhe an seo am ònar
Air còmhnard an rathaid
Dh'fheuch am faic mi fear-fuadain
Tighinn o Chruachan a' cheathaich
A bheir dhomh sgeul air Clann Ghriogair
No fios cia an do ghabh iad.
Cha d' fhuair mi dan sgeulaibh
Ach iad bhith 'n-dè air na Sraithibh.
Thall 's a bhos mu Loch Fìne,
Masa fìor mo luchd-bratha;
Ann an Clachan an Dìseirt
Ag òl fìon air na maithibh.
Bha Griogair Mòr Ruadh ann,
Làmh chruaidh air chùl claidheimh,
Agus Griogair mòr meadhrach,
Ceann-feadhna ar luchd-taighe.
Mhic an fhir à Srath h-Àrdail
Bhiodh na bàird ort a' tathaich;
Is a bheireadh greis air a' chlàrsaich
'S air an tàileasg gu h-aighear;
'S a sheinneadh an fhidheall
Chuireadh fioghair fo mhnathaibh.
'S ann a rinn sibh an t-sitheann anmoch
Anns a' ghleann am bi an ceathach.
Dh'fhàg sibh an t-Eòin bòidheach
Air a' mhòintich na laighe,
Na starsnaich air fèithe
An dèidh a reubadh le claidheamh.
'S ann a thog sibh a' ghrèigh dhùbhghorm
O Lùban na h-abhann.
Ann am Bothan na Dìge
Ghabh sibh dìon air an rathad,
Far an d'fhàg sibh mo bhiodag
Agus crios mo bhuilg-shaighead.
Gur i saighead na h-àraich
Seo thàrmaich am leathar.
Chaidh saighead am shliasaid,
Crann fiar air dhroch shnaidheadh.
Gun seachnadh Rìgh nan Dùl sibh
O fhùdar caol neimhe,
O shradagan teine,
O pheileir 's o shaighid,
O sgian na rinn caoile
'S o fhaobhar geur claidheimh.
Is ann bha a' bhuidheann gun chòmhradh
Di-Dòmhnaich am bràigh bhaile
Is cha dèan mi gàir èibhinn
An àm èirigh no laighe.
'S beag an t-iongnadh dhomh fhèin siud
'S mi bhith 'n dèidh mo luchd-taighe.