Cliù an Uain
Lyrics:
Tuil na feirg' tha cho searbh 's nach gabh inns',
'S nach ruig mìltean de linntean a tràigh:
Sin an cupan thug Dia dha ri òl,
Gus ar dìon o gach dòrainn gu bràth.
Seinnibh cliù do an Uan,
'S e thug ùmhlachd is buaidh ann ar n-àit';
'S e thug sìth dhuinn ri Dia,
Le e fèin dhol tre phiantan a' bhàis.
Ma bha banntrach 's i cianail ri bròn,
Lag mar eun air a leòn am measg chàich;
Chaidh a cìochran thoirt saor dhith on uaigh,
Leis an Tì seo thug buaidh air a' bhàs.
Ma bha bràithrean gam pianadh san dorch,
Air an fhairg' eadar stoirm agus ràmh;
Thainig Ìosa dhaibh dlùth chum an dìon,
'S chuir a bhriathran na siantan nan tàmh.
Ma bha lobhar air fhuadach o chàch,
'S e fo bhuaidh euslaint-bàis ann am pèin;
Ged robh lotan ri lobhadh a chnàmh,
Fhuair e leigheas fo làmhan Mhic Dhè.
Ma bha bacach ri sireadh na deirc',
Aig an teampall, air fèill, no air sràid;
Tre bhuaidh creideimh, am priobadh na sùl;,
Thug Ìosa dha lùths a chuid chnàmh.
Ma bha bean lag le euslaint' 's i 'bròn,
'S fuil a beatha ri dòrtadh gu làr,
'S ann le beantainn ri eudach Mhic Dhè,
Fhuair i saorsa o eucail a bàis.
'Nuair bha leanabain a' leanmhainn a cheum,
'S a bha foirmealaich eudmhor gun ghràs
Dol gan tearbadh air falbh o an treud,
Thog e fèin iad le spèis na uchd gràidh.
'S e mo ghuth ris gach duine fon ghrèin:
Teich gun dàil gu crann-ceusaidh mo Rìgh;
Nuair tha teàrnadh ann dhòmhsa nam fheum,
Cuim thèid eucorach tuilleadh a dhìth.
Aleluia don Athair gu bràth!
Aleluia do m' Shlànaighear gaoil!
Aleluia do Spiorad nan gràs!
Seo mo cheòl fhad 's thèid m' fhàgail san t-saogh'l.