Back

Crò Chinn Tàile

Lyrics:

Dreach 1:

Thèid mi dhachaigh dhùthaich m' athar,
Thèid mi dhachaigh chrò Chinn Tàile;
Thèid mi dhachaigh dhùthaich m' athar,
Falbhaidh mi 'n-diugh is thig mi màireach.

Thèid mi fhìn, leam fhìn, leam fhìn o,
Thèid mi fhìn, leam fhìn a Gheàrrloch;
Thèid mi fhìn, leam fhìn, leam fhìn o,
Bhuachailleachd nan caorach bhàna.

Dreach 2:

Thèid mi dhachaigh ho ro dhachaigh
Thèid mi dhachaigh chrò Chinn Tàile
Thèid mi dhachaigh ho ro dhachaigh
Thèid mi dhachaigh chrò Chinn Tàile.

Thèid mi fhìn leam fhìn leam fhìn ann
Thèid mi fhìn leam fhìn a Gheàrrloch
Thèid mi fhìn leam fhìn leam fhìn ann
'S gabhaidh mi rathad mòr Chinn Tàile.

Bidh mi nochd am buaile Phearsain
Bidh mi na chuid mhart a-màireach
Bidh mi nochd am buaile Phearsain
Bidh mi na chuid mhart a-màireach.

Thèid mi fhìn leam fhìn leam fhìn ann
Thèid mi fhìn leam fhìn a Gheàrrloch
Thèid mi fhìn leam fhìn leam fhìn ann
'S gabhaidh mi rathad mòr Chinn Tàile.

Thèid mi dhachaigh ho ro dhachaigh
Thèid mi dhachaigh chrò Chinn Tàile
Thèid mi dhachaigh ho ro dhachaigh
Thèid mi dhachaigh chrò Chinn Tàile.