Back

Crodh Chailein

Lyrics:

Cha chaidil, cha chaidil,
Cha chaidil mi uair,
Cha chaidil mi idir,
Gus an tig na bheil uam.
Crodh Chailein mo chridhe,
Crodh Chailein mo ghaoil,
Crodh ciar-dubh, breac, ballach,
Air dhath na circ' fhraoich.

Gun toireadh crodh Chailein
Dhomh bainn' air mo ghaol,
Air mullach a' mhonaidh
Gun duine nar taobh.
Crodh Chailein, mo chridhe,
Crodh Iain, mo ghaoil,
Crodh lìonadh nan gogan,
Crodh togail nan laogh.

Gu bheil sac air mo chridhe
'S tric snidh' air mo ghruaidh,
Agus smuairean air m' aigne
Chùm an cadal seo bhuam.
Crodh Chailein mo chridhe,
Crodh Chailein mo ghaoil;
Crodh ciar-dubh, breac, ballach,
Air dhath na circ' fhraoich.

Cha tèid mi don bheithe
No a thional nan crò;
Air breacan donn ribeach
Tha mi feitheamh nam bò.
Crodh Chailein, mo chridhe,
Crodh Iain, mo ghaoil,
Crodh lìonadh nan gogan,
Crodh togail nan laogh.