Back

Cumha Iain Ghairbh Ratharsair

Lyrics:

Sèist

Hil o rò bha hò, hil o rò bha hò,
Hil o hò hil o, rò bha hò rionn eile.

'S mi nam shuidh' air an fhadhlainn,
'S mi gun fhaoilte, gun fhuran,
Rìgh! cha tog mi fonn aotrom,
O Dhihaoine mo dhunaidh.

On latha chailleadh am bàta
Air na bhàthadh an curaidh,
Gille Calum a b' òige,
Iain Mòr, mo sgeul duilich.

'S i do ghuala bha làidir,
Ged a shàraich a' mhuir i,
Rìgh! cha b' fhear de shliochd Adhaimh
Chuireadh làmh anns a' churaidh.

Nochd gur h-ìosal do chluasag
Fo lic fhuaraidh na tuinne,
'S ann an clachan gun tràghadh
Tha mo ghràdh-sa 'n a uirigh.

'S iomadh baintighearna bhrèid-ghil
Bhios gu deurach gad chumha,
Agus stìomach òg uasal
Nach bu dual bhi fo mhulad.