Cumha MhicCruimein
Lyrics:
Dh'iadh ceò nan stùc mu aodann Chuilinn
Is sheinn a' bhean-shìth a tòrman mulaid;
Gorm shùilean ciùin san Dùn a' sileadh
On thriall thu bhuain 's nach till thu tuilleadh.
Sèist
Cha till, cha till, cha till MacCriomain
An cogadh no sìth cha till e tuilleadh;
Le airgead no nì cha till MacCriomain
Cha till e gu bràth gu latha na cruinne.
Tha osag nam beann gu fann ag imeachd,
Gach sruthan 's gach allt gu mall le bruthach;
Tha ealtainn nan speur feadh gheugan dubhach
A' caoidh gun d' fhalbh 's nach till thu tuilleadh.
Tha 'n fhairge fa dheòidh làn bròin is mulaid,
Tha 'm bàta fo sheòl, ach dhiùlt i siubhal;
Tha gàirich nan tonn le fuaim neo-shubhach,
Ag ràdh gun d' fhalbh 's nach till thu tuilleadh.
Cha chluinnear do cheòl san Dùn mu fheasgar,
'S mac-talla nam mùr le mùirn ga fhreagairt;
Gach fleasgach is òigh gun cheòl, gun bheadradh,
On thriall thu uainn 's nach till thu tuilleadh.