Back

Cumha nan Gillean

Lyrics:

S mòr mo mhulad 's mi cumha nan gillean
Chaidh thar linne gun tiomachd ron àr;
Ged a b' èibhinn iad fhèin nuair a dh'imich,
Shil an drùchd bho mo shùilean gu làr.
'Illean, 'illean, 'illean,
Thug sibh na h-ionnsaighean dùrachdach dàn,
'Illean, 'illean, 'illean,
'S mairidh bhur cliù-sa ùrar gu bràth.

Chuir sibh muinntir bhur dùthcha fo chomain,
Ghlèidh sibh gun dochann dhaibh sochair na saors',
Chaisg sibh an ruathar le duairc-luchd an donais
Chaidh air bàinidh le àrdan 's cion faoibh.
'Illean, 'illean, 'illean,
Cha b' e siud iobairt bha diomhain no faoin,
'Illean, 'illean, 'illean,
Anam don bhàs seach geur-smachd don t-saoghal.

Cadal sèimh dhaibh fon fheur ghorm thar mara,
Ge gur fad iad on dachaighean fhèin,
Cuirear na blàithean le làmhan nam mnathan
Os na gillean le sileadh nan deur.
'Illean, 'illean, 'illean,
Dearbh chan iongnadh ar tùrsa bhith geur,
'Illean, 'illean, 'illean,
Chuir an t-eug às do reultan ar speur.