Dhealaich Mise Nochd Rim Leannan
Lyrics:
Sèist
Dhealaich mise nochd rim leannan,
Dhealaich mi rim leannan fhèin;
Dhealaich mise nochd rim leannan,
Mìle beannachd às a dèidh.
Och mo thruaigh, cha d' fhuair mi fanachd
Leis a' chaileig mheal gach buaidh,
Theich an uair air sgiath na cabhaig,
'S b' fheudar dealachadh rim luaidh.
Ceart mar thriallas sgàil an tanaisg
No mar dhealan anns an speur,
'S ann mar sin a chaill mi sealladh
Air an ainnir fhuair mo spèis.
Bhon a chuir mi fhìn ort aithne,
Bha thu beusach, banail, ciùin;
Chaoidh chan fhaic mo shùil air thalamh,
Tè cho airidh air gach cliù.
Blàth-shuil chaoin as caoile mala,
Cuailean mìn nan camag donn;
Deud gheal, ghrinn fo bhilean tana,
Cneas mar eala bhàn nan tonn.
Cha tèid mise chùirt nan gallan,
Chan eil aighear dhomh fon ghrèin,
'S ann a bhios mo chridhe fo smalan
Gus an till mo leannan fhèin.