Dh'fhalbh mi Leis na Lùban Laghach
Facail:
Dh'fhalbh mi leis na lùban laghach
Bu roghainn leam fhèin sin;
Dh'fhalbh mi leis na lùban laghach
'S chaidh mi leotha dh'Èirinn.
Thuirt e gu robh aige caisteal
'N tathaicheadh na ceudan;
Bothan beag air cùl a' bhruthaich
Fuireach lem phiuthar-cèile.
Thuirt e gu robh aige buailtean
Chuairticheadh na treudan;
Aona bhò chrom a chaidh thar sliochd
'S a bheireadh bliochd air èiginn.
Dh'fhàg mi 'n tonnag air an todhar
Fo chromadh nan geugan;
Dh'fhàg mi 'n cuman is an gogan
Fa chomhair a chèile.
Dh'fhàg mi an crodh laoigh san eadradh
'S na laoigh bheaga geumnaich;
Dh'fhàg mi am buachaille galach
'S a' bhanarach deurach.
Rìgh, gur mise thilleadh dhachaigh
Ach m' athair bhith rèidh rium;
Dhèanainn am bualadh san t-sabhal
Chàthainn agus ghrèidhinn.
'S truagh nach mise bh' air a' leabaidh
Seachdainean gun èirigh;
Man do fhreagair mi 'n fhead ghlaice
'S mi 'n taice na sprèidhe.
Sgrìobhaiche
Gun urra
Ga sheinn
Àireamh Clàir Nan Òran Gàidhlig:: COG197
Lorg a h-uile tionndadh den òran seo ann an Tobar an DualchaisCuspair an Òrain
Air 20 Dùbhlachd, 1912, thug an t-Urramach Tòmas Sinton òraid do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis far an tug e iomradh air cuairt a ghabh e gu Both Fhleisginn agus Foithir air taobh an ear Loch Nis. Dh’innis e sgeulachd mu àite air an robh Fothar Beag no Pothar Beag, air oighreachd Chnocaidh, a bha aig aon àm le fear ris an cante Iain Cinn a’ Mhunaidh.
Bha Iain a’ suirghe air bean-uasal de theaghlach nan Granndach a bha a’ fuireach san Taigh Mhòr an Gleann Moireasdan agus bhiodh e tric a’ dol tarsainn an loch a thadhal oirre. Bhiodh e a’ toirt leis gille mar shearbhant, agus bhiodh aig a’ ghille ri màileid a ghiùlain leis. Bha a’ mhàileid air a lìonadh le connlach agus air uachdar sin bhiodh aon thriubhais bhuidhe. Nochdadh an dithis, agus a’ mhàileid, aig Taigh Inbhir Moireasdan far am faigheadh iad aoigheachd fad dhà na trì làithean.
Gach madainn dheigheadh an t-searbhant gu doras seòmar a mhaighstir agus dh’fheòraicheadh e, ann an guth àrd, “Gu dè an deise a chuireas sinn oirnn an-diugh, a Thighearna Fothair?”
Gheibheadh e an aon fhreagairt gach latha, “Cuiridh sinn oirnn an triubhais bhuidhe tha ‘m bial a’ phoca.”
Air oidhche nan seachd sian chanadh an t-searbhant ri mhaighstir, “O gu dè thig dhe crodh nan adhaircean dubha ‘s geala a-nochd, Thighearna Fothair?”
Fhreagradh Iain Cinn a’ Mhonaidh, “A’ chuid nach cùm na bàthaichean dhiubh, cumaidh Coir’ an Iuthair.”
Chaidh an t-suirghe leis agus phòs Iain Cinn a’ Mhunaidh a’ bhean-uasal Ghrannd, agus an ceann ùine thug e i dhachaigh gu Fothar Bheag, far an do rinn Ban-tighearna ùr Fothar an t-òran, ‘s i le uabhas agus aithreachas.
As an dreach den òran a tha aig Seonag NicCoinnich tha an tè a chaidh am mealladh a’ dol a dh’Èirinn ach chan eil guth air Èirinn as na facail aig Tòmas Sinton:
O dh’fhalbh mi le na lùban laghach Dh’fhalbh mi le na lùban; O dh’fhalbh mi le na lùban laghach ‘S thadhail mi na breugan.
‘S truagh nach robh mi anns an teasach Am feast ann gun èirigh; Dar fhreagair mi ‘m fear glaic Bha ‘n caidreamh nan sprèidh.
Nuair ràinig mi do bhaile Cha robh slat ri chèile; Cha robh ann taigh na sabhal ‘S an laighinn na ‘n èirinn.
Ach bothan beag am bun a’ bhruthaich Aig mo phiuthar-cèile; Cha robh aic’ ach beagan mine ‘S cha b’ uilear dhith fhèin e.
Cha robh aic’ ach beagan bainne ‘S cha b’ aithne dhith a ghrèidheadh; ‘S b’ e mo roghainn tilleadh dhachaidh Nam biodh m’ athair rèidh rium.
Anns an leabhar aige, Story and Song from Loch Ness-side (Inbhir Nis, 1914) tha Alasdair Dòmhnallach ag ràdh gu robh an t-òran bitheanta anns na sgìrean taobh Loch Nis agus tha e a’ toirt na facail mar a leanas:
Dh’fhalbh mi le na lùban laghach Dh’fhalbh mi le na lùban; Na lùban, na lùban laghach Bu roghainn leam na lùban.
Gheall thu dhomh taigh mòr is sabhal San tadhaileadh na ceudan; ‘S thuirt thu gu robh agad buailtean ‘S buachaillean da rèir sin.
Cha robh taigh mòr agad na sabhal Ged a chuirinn feum orr’ Ach bothan beag am bun a’ bhruthaich Bh’ aig mo phiuthar-chèile.
‘S cha robh aic’ ach beagan mine ‘S cha b’ uilear dhith fhèin e; ‘S cha robh aic’ ach beagan bainne ‘S cha b’ urra dhith a ghrèidheadh.
An uair a ràinig sinn am baile Fhuair sinn iad gun èirigh; Dh’fhàg mi am buachaille galach ‘S a’ bhanarach deurach.
An crodh-laoigh gun an leigeil ‘S na laoigh bheaga geumnaich. ‘S b’e mo roghainn tilleadh dhachaidh Nam biodh m’athair rèidh rium.
‘S truagh nach mise bha nam laighe Seachd seachdainean gun èirigh. Mun do fhreagair mi ‘n fhead ghlaice Thàinig taic an sprèidh rium.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Nota air ‘Cinn a’ Mhonaidh’ agus ‘Fothar Beag’:
Tha Cinn a’ Mhonaidh/Mhunaidh/Mhunghaidh suidhichte mu thuaiream 1.5 cilemeatair tuath air Loch Cnocaidh: tha Lochan a’ Chinn Mhonaich a’ sruthadh a-steach do dh’Allt a’ Chinn Mhonaich, a tha an uair sin a’ ruith sìos gu Loch Nis.
Chan eil Fothar Beag (cuideachd Foithir, Faithir, Foithear, Fodhair), a chaidh a Bheurlaich mar ‘Forbeg’, ri fhaicinn air mapa sam bith a tha ann an-dràsta. Ach, tha iomradh air dà thuras leis an toponamaiche cliùiteach, Uilleam Iain MacBhatair (1865–1948):
“The preposition fo, under, is found in its strictly local sense in foithir, under-land, flat land lying under a steep eminence. Hence Foyers (with English plural) and several other places of the same name in Stratherrick, e.g. am Foithir beag, Foithir Mhic Cloain.”
(‘Topographical Varia’ in The Celtic Review, Vol. V (July 1908-April 1909) (Edinburgh: Norman MacLeod, 1909), pp. 148-154 (148).)
“[…] shelving declivities called individually am Faithir, am Faithear, pl. na Faithrichean. This term recurs on Loch Ness side as Foithear, anglicized as Foyers (an English plural); the Laird of Foyers is Fear Foithreach. In the same district another form, fothair, occurs : am Fothair Beag, with an old cemetery, is behind Knockie ; Fothair Mac Clothain is below Dulcrag ; there is also Tollaigh an Fhothair, ‘Tollie of the fothair.’ These places are all on terraced slopes above Loch Ness, and it can be safely taken that the term means ‘a slope, a terraced declivity.’ It seems probable that it is with this term we have to do in the names that contain fother or fodder, fether, or fetter, for, so far as I can ascertain, the distinctive feature of the places so named is the presence of a slope, often or usually shelving or terraced.”
(The History of the Celtic Place-names of Scotland (Edinburgh: Blackwood & Sons, 1926), p.509.)
Tha Teàrlach Friseal-Mac an Tòisich (1828–1901) cuideachd ag ràdh:
“Upon enquiring of Mr Alexander Fraser, an old and respected resident at Loinchlerich of Errogie, he was good enough to write on 23rd January, 1890, that there was a place in Gaelic ‘Phoran’, otherwise Forbeg, two or three miles to the west of Foyers Mains, now a part of Knockie Estate, but of old belonging to Lovat, and one time a populous place. The famous yew of Stratherrick is situated on Forbeg.”
(‘The Frasers of Foyers’ in Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol. XVIII (1891-92), pp.17-31 (21))
Tha seo a’ cur Fothar Beag eadar Loch nan Lann agus Loch Nis.