Back

Dh'fhalbh mo Nighean Chruinn, Donn

Lyrics:

Sèist

Dh'fhalbh mo nighean chruinn donn
Bhuam do dh'Iùraidh,
Dh'fhalbh mo nighean chruinn donn,
Cneas mar eala nan tonn
Beul om binne thig fonn
Leis an deagh iompaidh.

'S truagh nach robh mi 's mo ghaol
Ann an gleann cùbhraidh,
'S truagh nach robh mi 's mo ghaol
Ri uisg' ann 's ri gaoith;
'S fo shileadh nan craobh,
Bhitheamaid sunndach.

Nam biodh agamsa sprèidh
Bhithinn glè chùirteil,
Nam biodh agamsa sprèidh
Feadh bheann agus shlèibh,
B' ùr a gheibhinn thu fhèin,
'S cha bu chèil' ùmaidh.

Ged tha thusa an trà-s'
Ann an Gleann Iùraidh,
Ged tha thus' ann an tàmh
Tha d' aigne fo phràmh,
Agus mise gun stàth,
Le do ghràdh ciùrrte.

Beir mo shoraidh gun dàil
Bhuam do dh'Iùraidh,
Beir mo shoraidh le gràdh
Dh'fhios na h-òigh' rinn mo chràdh;
'S nuair a chluinn i mar tha
Bidh si fèin tùrsach.

Chan eil aice mar chèil'
Ach am fìor ùmaidh,
Chan eil aice mar chèil'
Ach sean bhodach gun spèis
'S e mar ghearran bhon fhèill
Doirbh, breun, brùideil!