Dùisg Anam Dùisg
Lyrics:
Dùisg, anam, dùisg agus gabh don choinneamh ùrnaigh
Mu fosgail thu do shùil ann an dòrainn.
Do leisgeulan as ùr dhut, cha seas iad aig a' chùirt thu
'S cha chuidich iad a-null thu air Iòrdan.
Dìtear leis a' chloinn thu a their nach fhacas ann thu
Is cha bhi leisgeul ann aig do sheòrsa.
Chan fhalaich beinn no stùc thu, chan fhalaich cnoc no cùil thu
Bho lasadh deàlrach sùilean Iehòbha.
Mo bheannachd aig na fiùrain tha cumail coinneamh ùrnaigh
Tha seinn ann air cliùthan Iehòbha.
Thèid iad tron an tùisear an tagraidhean 's an ùrnaigh
Is sèilichear le triùir ann an glòir iad.
Glaodhaibh mach le aoibhneas mar fhianaisean na h-oighreachd
'S nach coma leibh gad chluinnt' ann an glòir sibh.
Bidh gàirdeachas air ainglean ag èisteachd bean na bainnse
'S i frithealadh don dream sin tha leòinte.
Nan tosdadh iad na laoich ud 's na fanadh iad gun ghlaodhaich
Nan caidleadh iad mar aon dhe na h-òighean,
Na clachan bhiodh a' glaodhaich le fianais air a thaobh-san
Is dhìteadh iad an saoghal nan ònar.
Ma dh'aidich thu nis Crìosda, 's gun d' thog thu air an fhianais,
Ma ghabh thu dhan an fhìon aig a bhòrd-san,
Nach nochd thu fèin don t-saoghal gun tug thu gràdh is gaol dha
'S gu leanadh tu far-aon anns an fheòil e.