Back

Dùthaich Mhicleòid

Lyrics:

Sèist

Tha mi 'n dùil, tha mi 'n dùil, tha mi 'n dùil ri bhith tilleadh
Dh'ionnsaigh Dùthaich Mhicleòid far an òg bha mi mire.

Fhuair sinn litrichean on rìgh gus sinn fhìn dhèanamh ullamh
Los a dhol a-null don Fhràing a chur braing san fhear-mhillidh.

Nuair a chuir iad sinn air tìr am measg cìobain is murain,
Thug sinn batail air an tràigh, 's gun d' rinn pàirt againn fuireach.

Fhir a dh'imicheas don Iar, ged robh bliadhna mun ruig thu,
Thoir an t-soraidh seo dom ghràdh: "ma is slàn mi gun tig mi."