Back
Eilidh Chuain
Lyrics:
Sèist
Eilidh Chuain 's i bha luath,
Tè bhòidheach nan guaillean geala,
Eilidh Chuain 's i bha luath.
Bha na h-udalain gu lèir,
Bha na cruinn, 's bha na slatan,
Darach nach teirig a chaoich,
Chaidh a bhuain ann an Lochlann.
Aonghas Camshron aig an stiùir,
Fear Leòdach air na siùil a phasgadh,
Mac Ill Eathain chuireadh suas,
Nuair as cruaidh a thig na frasan.
Thàinig an sgiobair a nìos
Is botal fion aige na achlais,
"Illean gabhaibh dheth ur leòir
'S bochd an spòrs dhuibh dol gam pasgadh".
Nuair chuir Eilidh 'm brèide suas
B' aigeannach an ceum gu astar,
Eilean Bharraigh às a dèidh
'S an Cuan Èirinn ga fhaicinn.
Bheir mo cheist air Eilidh òg,
Nuair gheibh i sròn ri Loch Leamhain,
Nuair a gheibh i luchd air bòrd,
Thèid sinn còmhla rithe thairis.